Eòghan Stewart, Gaelic Professional Development Officer

    photo of Eòghan Stewart

    Eòghan Stiùbhart, Oifigear Leasachaidh Phroifeiseanta na Gàidhlig 

    Thòisich Eòghan mar Oifigear Leasachaidh Phroifeiseanta na Gàidhlig Là Buidhe Bealtainn 2018. Tha an dreuchd seo a’ faighinn taic-airgid o Bhòrd na Gàidhlig tro GLAIF.

    Bidh Eòghan ag obair cuide ri ùghdarrasan ionadail, Riaghaltas na h-Àlba, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig agus buidhnean eile gus ionnsachadh na Gàidhlig a bhrosnachadh. A bharrachd air Gàidhlig a leasachadh mar phàirt de 1+2, agus barrachd oileanaich a thaladh dhan chànan, ’s e prìomh rùn Eòghain a th’ ann a bhith ag obair a dh’ionnsaigh cùrsa nàiseanta air loidhne airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig aig ìre àrd-sgoil a bhios ri fhaotainn air feadh na h-Alba.

    Tha Eòghan a’ creidsinn gu mòr gu bheil pàirt mhòr aig Gàidhlig ri chluich ann an cultar cànain na h-Àlba. Is e Gàidhlig a th’ anns a’ chànan as sine a tha ga bruidhinn ann an Alba an-diugh, le iomadh cothrom na lùib airson eachdraidh, cruinn-eòlas agus coimhearsnachd na h-Alba a thuigsinn, agus gu bheil spèis agus eòlas air a’ Ghàidhlig a’ leasachadh sin airson mìon-chànain eile, agus cànainean san fharsaingeachd.

    Is e tidsear Gàidhlig a th’ ann an Eòghan, ach le teisteanas ann an Nuadh-eòlas cuideachd, ’s e air iomadh cuspair a theagasg rè ùine ann am Beurla agus Gàidhlig airson còrr is dusan bliadhna. Is toigh leis iomain agus ball-coise. Bidh e a’ sgrìobhadh bàrdachd cuideachd agus choisinn e Bonn Òr Leòdhais is Na Hearadh aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an 2016.



    Eòghan began as Gaelic Professional Development Officer on May Day (Là Buidhe Bealtainn) 2018. His position receives support from Bòrd na Gàidhlig via GLAIF (Gaelic Language Act Implementation Fund).

    Eòghan works with local authorities, the Scottish Government, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig and other groups to promote Gaelic learning. In addition to developing Gaelic as integral to 1+2 and attracting more students to the language, Eòghan’s passion is working towards the establishment of a nationally available Scotland-wide on-line course for Gaelic learners at Secondary level.

    Eòghan believes strongly in the massive part that Gaelic plays in Scotland’s language culture. Gaelic is Scotland’s oldest living language, providing unique insights into its history, geography and communities, and that respect and knowledge of Gaelic can help develop this for other minority languages and languages in general.

    Eòghan is a Gaelic teacher with over a dozen years of experience, also qualified in Modern Studies as well as experience in a range of other subjects in both Gaelic and English medium education. He likes shinty and football. He is also writes poetry and won the Lewis and Harris Gold Medal for poetry at the Royal National Mòd in 2016.

     

    Contact:
    LH-232 Lord Hope Building
    University of Strathclyde
    141 St James Road
    Glasgow, G4 0LT

    Tel: 0141 444 8163

    eoghan.stewart@strath.ac.uk

    Latest News

    View all news

    Brexit ‘will leave Scotland short of foreign language teachers’ More...

    Immersion courses in France and Spain More...

    SQA course reports for Higher Modern Languages 2018 More...

    Japanese Language Group for Scottish Schools More...